GAELIC COLUMN Cananan beaga ‘s mar thig iad beo
0 Comments | Scotsman (Edinburgh, Scotland), The, Feb 12, 2003
Byline: CAROL ZALL
GED a tha sinn ann an Alba a’ feitheamh ri figearan a’ chunntais-shluaigh (a bhios a-mach a-maireach) gus am bi fios againn a bheil aireamh luchd-bruidhinn na Gaidhlig air tuiteam fo 50,000 air son a’ chiad uair, tha aite san t-saoghal far a bheil canainean beaga laidir agus fallain le fada nas lugha na 50,000 duine gam bruidhinn.
Se an t-aite seo Yap, rioghachd de dh’eileanan beaga ann am Micronesia anns a’ Chuan Sheimh, far am bheil 12,000 duine a’ bruidhinn ceithir chanainean eadar-dhealaichte.
Comhla ri tri staitean eile – Chuuk, Kosrae agus Pohnpei – tha Yap ‘na ball de Staitean Feadarail Micronesia (SFM). Se aite air leth iomallach a th’ ann: le barrachd air 600 eilean, tha SFM a’ sineadh thairis air 1,800 mile de mhuir. Ann a’ Yap a-mhain tha 12,000 duine a’ fuireach ann an eileanan eadar-dhealaichte, le ceithir canainean ionadail ‘nam measg: canain Yap, le 8,000 ga bruidhinn; canain Ulithi, le mu 2,000 ga bruidhinn; canain Woleai, le 1,500 ga bruidhinn; agus canain Satawal, le nas lugha na 1,000 ga bruidhinn.
Ged a thuigeas muinntir Ulithi, Satawal agus Woleai a-cheile, chan urrainn dhaibh Yapais a thuigsinn agus cha thuig muinntir Yap iadsan. Air sgath seo tha Beurla ga cleachdadh eadar na h-eileanaich mar chanain chumanta.
Ged nach robh uidh mhor aig muinntir na Roinn Eorpa ann a Yap gus an 19mh linn, tha i air a bhith fo smachd nan Gearmailteach, nan Spainteach agus nan Siapanach bhon uair sin. As deidh an darna cogaidh chaidh eileanan Micronesia fo rianachd nan Staitean Aonaichte. Chaidh SFM a chruthachadh ann an 1979, ge-ta, agus tha iad air a bhith neo-eisimeileach bho sin a-mach. A dh’ainneoin sin, tha an rioghachd fhathast a’ faighinn torr taic-airgid bho na Staitean ‘s tha buaidh Ameireaganach mor air na h-eileanan.
Ged a tha gle bheag dhaoine a’ bruidhinn canainean Yap, tha na canainean laidir, agus siad as fhearr leis na h-eileanaich a bhith a’ bruidhinn. “Tha Beurla a’ tighinn a-steach beagan, gu h-araid air sgath ceol agus telebhisean,” tha Gary Smith, an t-Oifigear Fiosrachaidh aig Roinn Foghlaim Yap, ag radh. “Ach tha luchd-ealain fhathast a’ sgriobhadh ‘s a’ claradh orain anns na canainean aca.
“Tha aireamh bheag theaghlaichean ann a Yap a bhios a’ bruidhinn Beurla aig an taigh, ach chan eil gin dhiubh sna h-eileanan a-muigh. Tha na canainean fhathast laidir, ach tha iad air beagan a chall le bhith cleachdadh facail-iasaid an aite facail nas sine no son rudan ura nach eil aca sa chultar mar-tha.”
Sann air na h-adhbharan seo a thainig Roinn Foghlaim Yap dhan cho-dhunadh gum bu choir do chlann na rioghachd a bhith a’ faighinn foghlam tro mheadhan nan canainean ionadail aca an aite a bhith a’ faighinn Beurla a-mhain san sgoil. “Thoisich an obair air a’ chlar-theagaisg ur bho chionn ceithir bliadhna,” tha Smith – Ameireaganach a tha a-nis 25 bliadhna agus ann a Yap ‘s a tha fileanta ann an Yapais – a’ mineachadh.
“Roimhne sin, bha sgoilearan a’ cleachdadh leabhraichean-teacs Ameireaganach, nach robh a’ ciallachadh moran dha na h-eileanaich. Cha robh na sgilean tradiseanta gan teagasg sna sgoiltean idir, ‘s bha faireachdainn ann nach robh iad gan teagasg san dachaigh nas motha, no leis na seann daoine. “A bharrachd air sin, a reir rannsachadh foghlaim bidh sgoilearan a dh’ionnsaicheas leughadh sa chiad chanain aca ‘n toiseach nas soirbheachail nuair a dh’ionnsaicheas iad canain eile as deidh sin.”
Tha an clar-teagaisg ur a-nis ga chleachdadh air feadh eileanan Yap. Tha clann a’ faighinn foghlam troimh mheadhan nan canainean aca fhein air son a’ chiad cheithir bliadhna dhen bhunsgoil. Bidh iad a’ faighinn uair a thide de “ealain-chanain” gach latha agus da uair gu leth de “ealain-bheatha” a bhios a’ gabhail a-steach cultar, dualchas agus sgilean tradiseanta. Chan eil iad a’ toiseachadh air Beurla idir gus a’ choigeamh bliadhna dhen bhunsgoil.
A reir Smith, tha parantan air failte a chur air an doigh-foghlaim ur. “San toiseach thuirt a’ mhorchuid: ‘Chan eil sinn feumach air foghlam tro mheadhan nan canainean Yapach air son ar cuid chloinne. Se Yapaich a th’ annta agus bidh iad a’ fas suas a’ cluinntinn Yapais ‘s a’ bruidhinn Yapais.’
“Ach as deidh choinneamhan aig co-labhairtean air feadh na Staite, bha aonta ann gun robh faclan sonraichte gan call, nach robh daoine cho fileanta ‘s a b’ abhaist dhaibh a bhith, agus gum feumadh sgilean-leughaidh a bhith aig sgoilearan anns a’ chanain aca fhein.”
carolzall@yahoo.com
In English
CENSUS figures are due for release tomorrow. The question is: will the figure for Gaelic speakers be above or below 50,000?
Spare a thought, then, for the people of Yap, an island nation in the Pacific with four native languages, the largest of which, Yapese, is spoken by only 8,000 people. Because speakers of the other three can’t understand it, English is the lingua franca.
So will these four languages survive? The answer is yes – they’re thriving, thanks to enlightened educational policies
kosrae